Peaceful Ground – Talamh Sìtheil • Track 11
Nuair Bhios mi Leam Fhìn When I am alone

sèisd
Nuair bhios mi leam fhìn, bidh tu tighinn fainear dhomh
Bidh mi togail fonn air nigh’n donn nam meal-shùil
Nuair bhios mi leam fhin, bidh tu tighinn fainear dhomh

‘S mise tha fo mhinginn ‘s mi stiùireadh na birlinn
Ciamar bhios e dìreach ‘s nach i a tha air m’aire
sèisd

‘S nuair chì mise ‘n òigridh san eaglais Di-Dòmhnaich
Chan fhaic mi ann an òigh as bòidhche na mo leannan
‘S thig iad as gach àite far mullach nan àrd-bheann
Cìobairean is tàillearan gam fhàgail falamh.
sèisd

‘S ged thigeadh gad iarraidh mormhairean is iarlan
Na gabh aon dhiu ‘m bliadhna ‘s mise, chiall, bhith bhuat
‘S ged thigeadh gad fharraid diùc agus fear-fearainn
Fan thusa mar a tha thu, banail mar bu dual.
sèisd

H-uile te bheir luaidh dhomh,bheir fear eile bhuam i
‘S b’airidh mi air duais, a bhuaidh a bha ‘gam leantail.
sèisd

 

 

chorus
When I am alone, you come into my mind.
I sing a song for the brown haired girl with the beautiful eyes:
When I am alone, you come into my mind.

I am so full of sadness, steering the vessel.
How can it be on course when my mind is elsewhere.
chorus

When I see the young ones in church on Sunday,
I do not see the amongst them a more beautiful girl than my sweetheart
And they come from all over, from the tops of the high hills,
Shepherds and Tailors, leaving me penniless
chorus

And if Lords and Earls come to ask for you, do not accept
any of them this year when I, my darling, am not with you.
And if Dukes and Lairds come asking for you,
you stay as you are, maidenly as ever
chorus

Everyone who shows a fondness for me, some other man will take her from me And I deserve a prize for the ill-luck that has followed me.
chorus

Traditional arranged M.MacInnes and G.Hughes  
   


More on: isd and chorus
Site Powered by FREE GoFTP Client