Peaceful Ground – Talamh Sìtheil • Track 09  
Fhir an Leadain Thlàth Lad of the beautiful hair  

sèisd
Fhir a leadain thlàth
Dh’fhàg thu mi fo bhròn

Fhir chul dualaich chleachdaich
‘S bòidhche snuadh ri fhaicinn
Tha do ghaol an tasgaidh
‘N seòmar glaist’ ‘nam fheòil
sèisd

Fhir a leadain chraobhaich
B’òg a rinn thu m’aomadh
Thug thu mi o m’dhaoine
A fhuair mo shaothair òg
sèisd

Fhir a leadain laghaich
‘S tu mo rùn ’s mo roghainn
Nan sguireadh tu thaghail
‘S an tigh ‘s am bi’n t-òl
sèisd

An toiseach a’ gheamhraidh
‘S ann a ghabh mi geall ort
Shaoil leam gum bu leam thu
‘S cha do sheall thu’m chòir
sèisd

’N gàire rinn mi’n uiridh
Chuir mo cheum an truimead
‘S mise tha gu duilich
‘S muladach mo cheòl
sèisd

Tha mi trom an dràsd’
‘S e sin fàth mo dheòir
Fhir a leadain thlàth
Dh’fhàg thu mi fo bhròn

 

 

 

chorus
Lad of beautiful hair
You've left me in despair

Lad of twisting curls
So beautiful to view
Your love is kept
In a locked room in my body
chorus

Lad of the flowing hair
So young I was ensnared
You took me from my people
From those who had reared me
chorus

Lad of the pleasing hair
You are my love and my desire
If you'd only cease to call
Upon the house of drink
chorus

At the start of winter
I pledged myself to you
I thought that you were mine
But you didn't look my way
chorus

The laughter of last year
Weighs heavily on my every step
Now I am so sad
And sorrowful is my music
chorus

I am heavy now with child
That's the cause of my tears
Lad of the lovely hair
You have left me in despair

 
Traditional arranged M.MacInnes    
     


World Wide view of thu and lad
Page provided by GoFTP FREE