Peaceful Ground – Talamh Sìtheil • Track 06  
Thig an Smeòrach as t-Earrach The Thrush will come in the Spring  

Thig an smeòrach as t-Earrach
Thig a’ chuthag ’s a’ Chèitein
‘S bidh gach eun anns an doire
Cumail coinneamh ri chèile
Seinn ciùil air bhàrr chrannaibh
‘S air bharraibh nan geugan
Agus mise ‘s mo leannan
Dol nas fhaide bho chèile

Tha mo chìnn air an fhleasgach
Dhonn leadannach bhòidheach
Dhan a chinneadh nach strìochdadh
‘S e de iarfhuil Chlann Dòmhnaill
‘S mòr gum b’fhearr dhut mi agad
Le beagan de stòras
Na le buaile chrodh ballach agus
Cailinn nach b’eòlach

Comhairle bheirinns’ air caileig
Gun bhith amaideach gòrach
Gun i thoirt a gaol falaich do
Bhalach nach b’eòlach
Bidh e briathrach ri tighinn
‘S bidh a chridhe gu reòdhte
‘S bidh a shùil a’s a dhèidh
Ach cò an roghainn as bòidhche

 

The thrush will come in the spring
The cuckoo will come in May
Each bird in the forest
Will be getting closer together
Making music on the treetops
And on top of the branches
While my love and I Do
Grow further and further apart

My desire is the handsome youth
Of the beautiful brown hair
Of the steadfast clan
Being true-blooded Clan Donald
You would be better off with me
With little in store
Than with a fold of cattle and
A foolish girl

My advice to a young girl
Don't be foolish and stupid
Don't give your love to
A young man you don't know well
He'll start with sweet words
But his heart will be as ice
And his eyes will be looking back
To see who is the prettiest around

 
Traditional arranged by M.MacInnes & B.MacAlpine    
     


Further info on bidh and related to air
Page provided by FREE GoFTP Client