A Fàgail Mhiughalaigh – Leaving Mingulay • Track 03  
Laoidh Mhoire Mhaigdeann Hymn to the Virgin Mary  

sèist:
’Se do bheatha, Mhoire Mhaighdeann
O’s gille do Mhac na a’ ghrian
Rugadh am Mac an aois Athar
Oighre Fhlathanais g’ar dion
’S iosal an ceum thug ar Slànuighear
A nuas o Phàrras gu talamh
’Nuair a rugadh e ’s an stàbull
Gun tuilleadh aite dha falamh

Cha d ’iarr ban-righinn na h-ùmhlachd
Fuirneiseachadh, rùm na seòmar;
Cha mhò dh’iarr i mnathan glùine
Ach Righ nan Dùl bhith ’ga còmhnadh
’S èibhinn an sealladh a fhuair i
’Nuair thàinig e nuas a colainn
Rothaill i‘n anartaibh bàna
An Slànuighear thàinig g’ar ceannach
sèist

Cha d’iarr Macan na h-uaisle
Cuision na cluasag na leabaidh
Gus an d’èirich leis a’mhàthair
’Ga chur ’s a’ mhainnseir ’n a chadal
Chruinnich na buachaillean bochda
Ghabhail beachd air anns an tìm sin
Chur misneach an lag ’s an làidir
Bhith cho dàna air an Righ sin
sèist

Shoillsich rionnag anns an athar
Rinn rathad dha na tri rìghrin
Thàinig g’a ionnsuidh le h-àbhachd
Gaol is gràdh is fàilte ’s fìrinn.
Aig fheabhas rinn thu a ghlèidheadh
Dol leis a latha ’s a dh’oidhche
Aig fheabhas rinn thu air feitheamh
’S e do bheatha, Mhoire Mhaighdeann
sèist

chorus:
Hail to thee, Virgin Mary
For thy Son is brighter than the sun
The Son was born of the Father
An Heir from Heaven to protect us
Our Saviour took a lowly step
Down from Paradise to Earth
when he was born in a stable
nowhere else being vacant for Him.

The Queen of Humility asked for no
furniture, parlour or room;
Neither did she ask for midwives
But only the King of the elements to help her
Wonderful was the sight she saw
when He came down from her body
She wrapped in white clothes
the Saviour who had come to redeem us.
chorus

The child of nobility asked for no
cushion, pillow or bed
till His mother managed
to put Him to sleep in the manger.
The poor herdsmen assembled
to see Him at that time
to encourage the weak and the strong
to make equally bold with that King.
chorus

A star shone in the sky
Making a path for the three kings
who came to Him with joy,
love and affection, welcome and truth.
Because thou didst maintain Him so well
Going with Him by day and by night
Because thou didst attend Him so well
Hail to thee, Virgin Mary
chorus

 
Traditional arranged M.MacInnes    
     


 

 

What the world says about rinn and ist
The Fastest FTPS on the planet FREE Go FTP Program